Co-chomhairle Phoblach air an ath Chùmhnant airson Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath (NIFS4): Co-chomhairle
Co-chomhairle Phoblach air an ath Chùmhnant airson Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath (NIFS4): Co-chomhairle
Facal-tòiseachaidh Ministreil
Tha mi toilichte a’ cho-chomhairle phoblach seo fhoillseachadh mu Chùmhnant ùr Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath (NIFS4). Tha na slighean aiseig a tha a’ ceangal Arcaibh is Sealtainn ri tìr-mòr na h-Alba ro-chudromach chan ann a-mhàin do choimhearsnachdan ionadail, ach airson cor eaconamach, cultarail agus sòisealta nan Eileanan a Tuath san fharsaingeachd.
Tha e ro-chudromach gum bi na seirbheisean seo earbsach, seasmhach agus a’ coileanadh feumalachdan nan eileanach, nan gnìomhachasan agus an luchd-tadhail agus tha e deatamach gun èist sinn gu faiceallach ri eòlas agus dùilean an fheadhainn a chleachdas, agus a tha an eisimeil nan seirbheisean seo fhad ’s a bhios sinn a’ cruthachadh an ath thionndadh de Chùmhnant Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath. Cuidichidh an obair solarachaidh seo, còmhla ris a’ phrògram a thathar a’ moladh airson 5 soithichean fhaighinn an àite seann aiseagan ann am Plana Ceangailteachd nan Eilean taobh a-staigh beatha a’ chùmhnant ùir seo – gus dèanamh cinnteach gum bi na seirbheisean iomchaidh airson an àm ri teachd a thaobh earbsachd, ath-leumachd agus comas-lìbhrigidh.
Cuidichidh an t-eòlas a fhuaireadh tron dàimh a th’ againn mu thràth le luchd- cleachdaidh Seirbheisean Aiseig nan Eileanan a Tuath agus am fios-air-ais a fhuaireadh bhon cho-chomhairle agus com-pàirteachadh poblach air Plana Ceangailteachd nan Eilean an-uiridh le bhith a’ cruthachadh cùmhnant Seirbhisean Aiseag nan Eileanan a Tuath 4, agus dh’fhiosraich seo sgrìobhadh nan ceistean co- chomhairleachaidh seo agus sinn a’ sireadh beachdan a bharrachd air mar as urrainnear an ath chùmhnant a chleachdadh gus leasachaidhean seirbheis a thoirt air adhart.
Tha a’ cho-chomhairle phoblach seo a’ toirt cothrom cudromach do luchd-ùidh – eadar ùghdarrasan ionadail, riochdairean coimhearsnachd, is companaidhean aiseig; agus luchd-siubhail fa leth agus custamairean bathar – gus ar cuideachadh le bhith a’ co-dhùnadh cò ris a bu chòir an t-seirbheis a bhith coltach san àm ri teachd. Tha sinn gu sònraichte airson ur beachdan a chluinntinn air prìomh cheistean leithid comas-làimhseachaidh is iarrtas, siubhal gun phlanadh ro-làimh is siubhal riatanach, faraidhean, guth na coimhearsnachd, follaiseachd agus cunntachalachd, feumalachdan ceangailteachd, amalachadh le modhan còmhdhail eile, ruigsinneachd, earbsachd agus ath-leumachd, ìrean seirbheis, seasmhachd àrainneachdail, agus bathar.
Chan e a-mhàin gu bheil sinn ag amas air Cùmhnant Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheis a tha a’ coileanadh feumalachdan an latha an-diugh, ach a tha cuideachd freagarrach airson an àm ri teachd, a’ freagairt ri dùbhlan na gnàth-shìde, ri pàtrain iarrtas a tha ag atharrachadh, agus ri feumalachdan san àm ri teachd gus taic a chumail ri leasachadh nan Eileanan a Tuath.
Tha e ro-chudromach gum bi cothrom aig coimhearsnachdan a bhith a’ gabhail pàirt ann an seo agus a bhith gar cuideachadh le bhith a’ cumadh nan seirbheisean aiseag seo san àm ri teachd, agus bheir a’ cho-chomhairle phoblach seo cothrom dhaibhsan a tha ag iarraidh atharrachadh a bhith a’ cur gu dìreach ris a’ phròiseas gus an cùmhnant ùr a chruthachadh. Bhrosnaichinn a h-uile duine aig a bheil ùidh anns na seirbheisean seo an cuid bheachdan a chur thugainn. Cuidichidh na beachdan a gheibh a’ cho-chomhairle seo le bhith a’ cruthachadh cùmhnant a bhios ag obair gu math do na coimhearsnachdan eileanach againn agus a nì cinnteach gum bi na ceanglaichean ro-chudromach a’ lìbhrigeadh mar as còir fad bhliadhnaichean ri teachd.
Airson barrachd fiosrachaidh, faic an làrach-lìn againn – PENDING WEB ADDRESS Jim Fairlie BPA
Ministear airson Àiteachas agus Comas-ceangail
A’ cur beachd a-steach dhan cho-chomhairle seo
Bidh a’ cho-chomhairle seo fosgailte fad 12 seachdainean eadar 22 Iuchar 2025 gu 13 Dàmhair 2025
agus tha sinn a’ toirt cuireadh dhut do bheachdan a thoirt dhuinn rè na h-ùine seo gus buaidh ghnìomhach a thoirt air smaoineachadh a thaobh Cùmhnant Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath.
Freagair air-loidhne
Faodaidh tu do fhreagairt a chur a-steach dhan cho-chomhairle seo air-loidhne tron hub co-chomhairleachaidh air-loidhne againn, Citizen Space.
Thoir an aire gur e co-chomhairle phoblach a tha seo, agus gum bi na freagairtean uile rim faighinn gu poblach, ged a bhios fiosrachadh pearsanta air a chumail dìomhair. Mas e is nach eil thu airson ’s gum bi do bheachdan rim faighinn gu poblach, tagh am bogsa iomchaidh aig deireadh a’ cho-chomhairleachaidh.
Dòighean eile air freagairt
Mur a tèid agad air freagairt a chur a-steach a’ cleachdadh Citizen Space, is urrainn dhut do fhreagairt a chur tro phost no post-d.
Tro phost-d
Luchdaich a-nuas agus lìon a-steach Ceistean na Suirbhidh agus am Foirm Fiosrachaidh Luchd-freagairt gu h-ìosal agus cuir iad thugainn le post-d
gu FerriesNIFS4Team@transport.gov.scot.
Tron phost
Luchdaich a-nuas agus lìon Ceistean na Suirbhidh agus Foirm Fiosrachaidh an Neach-freagairt gu h-ìosal agus cuir na foirmean crìochnaichte agad gu:
Co-chomhairle NIFS4 Còmhdhail Alba
5mh Làr
177 Sràid Bothwell Glaschu G2 7ER
Aithris Co-chomhairleachaidh
Tha sinn a’ toirt cuireadh dhut do bheachdan a thoirt dhuinn rè na h-ùine seo gus buaidh ghnìomhach a thoirt air smaoineachadh a thaobh Cùmhnant Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath.
A’ measadh buaidh
Tha sinn air gealltainn gun dèan sinn measadh air buaidh cùmhnant ùr Aiseagan nan Eileanan a Tuath 4 air coimhearsnachdan a tha an urra ri aiseagan agus air buidhnean luchd-ùidh eile air feadh na h-Alba.
Cumaidh a’ cho-chomhairle seo taic ri leasachadh nam measaidhean buaidh a leanas:
- Measadh Buaidh Gnothachais is Riaghlaidh
- Measadh Buaidh air Còraichean is Sunnd Chloinne
- Measaidhean Buaidh air Co-ionannachd
- Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach
Foillsichidh sinn na measaidhean buaidh seo uile air an làraich-lìn againn. Bu mhath leinn do bheachdan air seo. Faodar beachdan a chur thugainn air phost-d
gu FerriesNIFS4Team@transport.gov.scot.
Mar eisimpleir, bheir do bheachdan fios dhuinn mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig ar poileasaidh air brosnachadh co-ionannachd, cur às do leth-bhreith, agus a bhith a’ brosnachadh deagh dhàimhean do dhaoine aig a bheil feartan dìonta sònraichte.
Cleachdaidh sinn dòigh-obrach làidir stèidhichte air fianais gus na measaidhean buaidh coimhearsnachd a chruthachadh agus obraichidh sinn ann an dlùth chonaltradh le prìomh luchd-ùidh agus riochdairean bho bhuidhnean air am bi buaidh.
Na h-ath cheuman
Aon uair is gun tig àm co-chomhairleachaidh NIFS4 gu crìch, thèid freagairtean ath- sgrùdadh le sgioba sgrùdaidh speisealach neo-eisimeileach agus thèid aithisg de mholaidhean a thoirt do Chòmhdhail Alba air am beachdaich iad nuair a tha iad a’ cur crìoch air teirmean cùmhnant NIFS4.
Tha sinn a’ cur luach anns na beachdan agad agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri do bheachdan a chluinntinn air mar as urrainn dhuinn piseach a thoirt air Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath againn.
Mòran taing airson pàirt a ghabhail anns a’ phròiseas chudromach seo.
Beachdan agus gearanan
Ma tha beachd sam bith agad mu mar a chaidh a’ cho-chomhairle seo a dhèanamh cuir iad gu dìreach gu FerriesNIFS4Team@transport.gov.scot.
Co-chomhairle Phoblach air an ath Chùmhnant airson Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath (NIFS4)
Comas-làimhseachaidh is Iarrtas
Bidh sinn a’ dèanamh Measadh air Feumalachdan Coimhearsnachd ann an 2025 agus 2026. Cruthaichidh am pròiseact seo fianais agus roghainnean seirbheis aiseig airson cùmhnant Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath (NIFS4) san àm ri teachd, agus airson tasgaidhean calpa a tha san amharc ann an soithichean agus ann am puirt.
C1a. Tha diofar roghainnean ann airson àiteachan-fuirich ann an seirbheisean fad-oidhche air seirbheisean aiseig. Ma chleachd thu àite- fuirich fad-oidhche air seirbheis, thoir dhuinn do bheachdan air cabain oidhche.
C1b. Tha diofar roghainnean ann airson àiteachan-fuirich ann an seirbheisean fad-oidhche air seirbheisean aiseig. Ma chleachd thu àite-fuirich fad-oidhche air seirbheis, thoir dhuinn do bheachdan air podaichean oidhche.
C1c. Tha diofar roghainnean ann airson àiteachan-fuirich ann an seirbheisean fad-oidhche air seirbheisean aiseig. Ma chleachd thu àite-fuirich fad-oidhche air seirbheis, thoir dhuinn do bheachdan air suidheachan-aomaidh (reclining seats) tron oidhche.
C2. Uaireannan, bidh seòlaidhean leis a h-uile àite air a chlàradh a’ falbh le àiteachan falamh a chionn ’s nach bi cuid de chàraichean, làraidhean agus/no luchd-cleachdaidh chaban a tha air clàradh a’ nochdadh no nach bi iad a’ cur an àite aca dheth. Tha sinn a’ beachdachadh air cìs cuir-dheth-fadalach a chur air dòigh airson tiogaidean a chaidh a chlàradh ro-làimh, gus brosnachadh a thoirt do chustamairean clàraidhean a chur dheth le rabhadh reusanta gus am bi àiteachan rim faighinn do chàch.
A bheil thu ag aontachadh ris a’ beachd-smuain seo? Tha
Chan eil
Chan eil beachd sam bith agam
Mìnich do fhreagairt
Siubhal gun phlanadh ro làimh agus siubhal riatanach
Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil a’ mhòr-chuid de thursan air seirbheisean aiseig nan Eileanan a Tuath air an clàradh ro-làimh ach uaireannan chan eil e comasach tiocaid a chlàradh ro-làimh, agus gum faodadh feum a bhith aig daoine gus àite a ghlèidheadh aig a’ mhionaid mu dheireadh.
C3. Dè do bharail air dè a dh’fhaodadh na companaidhean aiseig a dhèanamh gus taic a chumail ri daoine a dh’fheumas siubhal ann an cabhag?
Faraidhean
An-dràsta tha faraidhean ràitheil agus faraidhean do dh’eileanaich ann (lasachadh de 30% fad na bliadhna), ach tha sinn a’ tuigsinn gu bheil siubhal air Seirbheisean Aiseig nan Eileanan a Tuath daor do chuid, agus tha sinn airson beachdan a chluinntinn air poileasaidh faraidhean san àm ri teachd.
C4. A bheil thu airson ’s gum bi faraidhean Cosgais Co-ionann ri Rathad (Road Equivalent Tariff - RET) ann do dh’eileanaich air slighean Seirbheisean Aiseig nan Eileanan a Tuath, leis na prìsean air an atharrachadh gus am bi iad co-rèireach ris an astar?
Tha Chan eil
Mìnich do fhreagairt
C5. Anns an Dòigh-obrach Ro-innleachdail againn airson Plana Ceangailteachd nan Eilean a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid thuirt sinn gum beachdaich sinn air atharrachaidhean air mar a thèid foirmle RET a chur an gnìomh air slighean nas fhaide, leithid Obar Dheathain – Kirkwall – Lerwick.
Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach a bhith a’ lùghdachadh reat nam mìltean no crìoch a chur air faradh meadhan-seusain làithreach.
A bheil beachd sam bith agad air na roghainnean seo no a bheil molaidhean a bharrachd agad?
C6. A bheil thu den bheachd gum bu chòir barrachd phrìsean do luchd- siubhail atharrachadh a rèir iarrtais, ag amas air iarrtas a stiùireadh agus gus taic a chumail do RET do mhuinntir nan eilean?
Tha Chan eil
Mìnich do fhreagairt
Guth na coimhearsnachd, follaiseachd agus cunntachalachd
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh brìoghmhor ann leis a’ choimhearsnachd mu obrachadh sheirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath
C7. A bheil thu airson ’s gum bi atharrachadh sam bith air mar a bhios obraiche seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath a’ conaltradh riut, mar eisimpleir a thaobh atharrachaidhean seirbheisean no seirbheisean a bhith air an cur dheth?
C8. Bidh companaidh ruith seirbheisean aiseagan nan Eileanan a Tuath agus Còmhdhail Alba ag obair gu cunbhalach le Fòram Còmhdhail Taobh a- muigh Arcaibh agus Fòram Còmhdhail Taobh a-muigh Shealtainn.
A bheil thu den bheachd gu bheil na fòraman còmhdhail seo a’ riochdachadh bheachdan na coimhearsnachd gu h-èifeachdach?
Tha Chan eil
Ma fhreagair thu "Chan eil", mìnich do fhreagairt
A’ tuigsinn feumalachdan ceangailteachd agus amalachaidh
Le bhith a’ coimhead air mar a ghabhas amalachadh le siubhal air adhart agus ceanglaichean a bhrosnachadh, is urrainn dhuinn cothroman a thoirt seachad airson ceanglaichean nas fheàrr agus airson ruigsinneachd air aiseagan tro shiubhal gnìomhach, còmhdhail phoblach, agus modhan còmhdhail sheasmhach eile.
C9. Dè cho riaraichte ’s a tha thu leis a’ chòmhdhail phoblach (bus/trèana) agus bun-structar siubhail gnìomhach (coiseachd, cuibhleachadh agus rothaireachd) gu agus bho na cinn-uidhe aig seirbheisean aiseig nan Eileanan a Tuath?
Thoir dhuinn do bheachd, ag innse dhuinn dè na puirt-aiseig a bhios tu a’ cleachdadh.
C10a. Dè a dh’fhaodadh companaidh aiseig seirbheis aiseag nan Eileanan a Tuath a dhèanamh gus ceangal nas fheàrr a dhèanamh le còmhdhail phoblach (bus/trèana)?
C10b. Dè a dh’fhaodadh companaidh aiseig seirbheis aiseag nan Eileanan a Tuath a dhèanamh gus ceangal nas fheàrr a dhèanamh ri bun-structar còmhdhail gnìomhach (coiseachd, cuibhleachadh agus rothaireachd)?
So-ruigsinneachd
A rèir fios air ais bhon choimhearsnachd tha dùbhlain a bharrachd mu choinneamh cuid de bhuidhnean co-ionannachd le bhith a’ faighinn cothrom air agus a’ cleachdadh sheirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath. Tha buidhnean co-ionannachd a’ gabhail a-steach daoine aig a bheil feartan dìonta fo Achd na Co-ionannachd 2010; aois, ath-shònrachadh gnè, inbhe pòsta no com-pàirteachais catharra, torrachas agus màthaireachd, cinneadh (a’ gabhail a-steach dath craicinn, nàiseantachd, tùs cinneachail no nàiseanta), creideamh no feallsanachd, gnè bhith-eòlasach no taobhadh feise.
C11. Nad bheachd, ciamar a ghabhadh piseach a thoirt air seirbheisean anns an ath chùmhnant airson seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath gus cur ri ruigsinneachd tron turas aiseig air fad?
Earbsachd agus seasmhachd
Tha fios air ais bhon choimhearsnachd air sealltainn gun urrainn clàraidhean airson carbadan bathair buaidh a thoirt air na tha ann de dh’àiteachan do charbadan eile air soithichean.
C12. A’ coimhead air an liosta gu h-ìosal, dè na 3 prìomhachasan as motha a bu chòir a bhith agad airson an ath chùmhnant airson seirbheisean aiseig nan Eileanan a Tuath?
- Earbsachd Pongalachd
- Càileachd àite-fuirich air bòrd Càileachd biadh is deoch air bòrd
- Cho furasta ’s a tha e tiocaid a chlàradh Cho furasta ’s a tha e clàradh atharrachadh
- Seirbheis chustamairean bho luchd-obrach air bòrd
- Seirbheis chustamairean bho luchd-obrach ann am puirt-aiseig Soidhnichean aig agus air an t-slighe gu puirt-aiseig
- Eile (cuir ris)
Àrainneachd agus beag-carboin
Tha fios-air-ais a fhuair sinn bho chionn ghoirid air mar as urrainn dhuinn obrachadh a dh’ionnsaigh lùghdachadh eimiseanan carboin air a bhith feumail.
C13. A bheil molaidhean sam bith eile agad air mar as urrainn do sheirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath a’ bhuaidh àrainneachdail iomlan aca a lùghdachadh a thaobh nam factaran àrainneachdail a leanas a chaidh a chomharrachadh ann an Achd Measadh na h-Àrainneachd (Alba) 2005, a’ gabhail a-steach: càileachd adhair, sluagh agus slàinte dhaoine, fuaim, so- mhaoinean stuthach, an àrainneachd uisge, bith-iomadachd, agus dualchas cultarail
Bathair
C14 A bheil dòighean ann gus piseach a thoirt air mar a bhios a’ chompanaidh a tha a’ ruith Seirbheisean Aiseag nan Eileanan a Tuath ag obair le companaidhean giùlan-bathair agus gnìomhachasan gus meudan trafaig choimeirsealta a phlanadh nas èifeachdaiche?
C15. A’ toirt fa-near gu bheil obair solarachaidh a’ dol air adhart airson soithichean bathair "freighter flex" a bhios gan toirt a-steach do chabhlach seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath san àm ri teachd, a bheil moladh sam bith agad gus an t-iarrtas a riaghaladh no a lùghdachadh sa mheadhan-ùine no san fhad-ùine air slighean far a bheil tòrr mòr bathair ann.
C16. A bheil beachd no moladh sam bith a bharrachd agad a thaobh mar as urrainnear seirbheisean bathair aiseig a leasachadh?
C17. Ciamar a ghabhadh pròiseasan làithreach nan cosgaisean airson bathair airson seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath a leasachadh no atharrachadh san àm ri teachd?
Coitcheann
C18. A bheil moladh sam bith eile agad air mar a ghabhadh seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath a leasachadh?
Tha Chan eil
Mìnich na freagairtean agad
Foirm fiosrachaidh mun neach-freagairt
Thoir an aire gum feumar am foirm seo a lìonadh agus a chur air ais leis an fhreagairt agad.
Gus faicinn mar a làimhsicheas sinn an dàta pearsanta agad, faic am Poileasaidh Prìobhaideachd againn.
A bheil thu a’ freagairt mar neach fa leth no às leth buidheann?
- Neach fa leth
- Buidheann
Ainm slàn no ainm na buidhne
Seòladh
Còd-puist
Post-d
A bheil thu a’ freagairt mar:
- Neach-còmhnaidh sgìre lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath – Arcaibh
- Neach-còmhnaidh sgìre lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath – Sealtainn
- Neach-cleachdaidh lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath – Tìr mòr na h-Alba
- Gnìomhachas ann an sgìre lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath – Arcaibh
- Gnìomhachas ann an sgìre lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath – Sealtainn
- Neach-tadhail no neach-turais ann an sgìre lìonra aiseagan nan Eileanan a Tuath
- Eile (i.e. a’ freagairt às leth buidhne)
Ma thagh thu gnìomhachas, comharraich sa bhogsa gu h-ìosal dè an seòrsa gnìomhachais a tha thu a’ riochdachadh (m.e. giùlan bathar, sprèidh, iasgach, lùths, aoigheachd is msaa)
Ma thagh thu "eile", thoir seachad barrachd fiosrachaidh sa bhogsa gu h- ìosal:
Dè an t-slighe ann an lìonra seirbheisean aiseag nan Eileanan a Tuath as trice a chleachdas tu?
- Obar Dheathain gu Lerwick
- Obar Dheathain gu Kirkwall
- Kirkwall gu Lerwick
- Sgabstal gu Stromness
Dè an t-adhbhar as motha a th’ agad airson a bhith a’ cleachdadh seirbheisean lìonra Aiseag nan Eileanan a Tuath?
- Adhbharan Gnìomhachais
- Adhbharan obrach/foghlaim
- Adhbharan pearsanta/cur-seachadan
- Airson bathar
- A h-uile rud gu h-àrd
- Eile
Dè cho tric ’s a bhios tu a’ cleachdadh seirbheisean aiseagean nan Eileanan a Tuath?
- 5-7 tursan san t-seachdain
- 2-4 tursan san t-seachdain
- Turas gach seachdain
- Turas gach dàrna seachdain
- Turas sa mhìos
- Bho àm gu àm
- Ràitheil (an Samhradh)
- Eile
A bheil thu:
- Nas òige na 16
- 16 gu 18
- 19 gu 21
- 22 gu 34
- 35 gu 44
- 45 gu 54
- 55 gu 64
- 65 gu 74
- 75 no nas sine
- Eile
An canadh tu gu bheil ciorram ort?
- Chanadh
- Cha chanadh
Bu mhath le Riaghaltas na h-Alba cead fhaighinn gus do fhreagairt co- chomhairleachaidh fhoillseachadh. Dè b’ fheàrr leat a thaobh a bhith a’ foillseachadh na freagairt agad:
- Foillsich mo fhreagairt le m' ainm
- Foillsich an fhreagairt a-mhàin (gun ainm)
- Na follaisich an fhreagairt
Co-roinnidh sinn do fhreagairt eadar sgiobannan poileasaidh taobh a- staigh Riaghaltas na h-Alba a dh’fhaodadh a bhith ag obair air na cuspairean a tha fo dheasbad. Dh’fhaodte gum biodh iad airson fios a chur thugad san àm ri teachd ach feumaidh sinn cead fhaighinn bhuat gus seo a dhèanamh. Am biodh e ceart gu leòr nan cuireadh Riaghaltas na h-Alba fios thugad a-rithist a thaobh a’ cho-comhairleachaidh seo?
- Bhiodh
- Cha bhiodh
Fiosrachadh do bhuidhnean:
Tha an roghainn 'Foillsich an fhreagairt a-mhàin (gun ainm)’ ri fhaighinn do luchd-freagairt fa leth a-mhàin. Ma thagh thu an roghainn seo, thèid ainm na buidhne fhoillseachadh fhathast.